Sileas Lyrics
Cadal Chan Fhaigh Mi Lyrics
Sùgradh cha dèan mise
Nochd chan fhaigh mi tàmh
'S gun thu ghràidh a'tighinn
H-uile h-oidhche
Tha mi smaoineachadh gun tig thu
Gu mo leabaidh bhlàth
'S aonaranach mise
Cha b'ann dubh no ruadh
A bha luaidh mo chridhe
'Sann a bha e bàn
Àilleagan nan gillean
'S tu bu ghuirme sùil
'S tu bu dùbailt cridhe
'S tu bu bhinne cainnt
Ris na rinn mi bruidhinn
Sgriobhadair le pheann
Leughadair nan duilleig Maraiche nan tonn Chuireadh long gu fo h-uidheam
Chuala mise sgeul
A thug deur bho'm chridhe
Thu bhi falbh a null
'S gun do dhùil ri tilleadh